.

Tha Mo Ghaol air Àird a' Chuain Lyrics

Feasgar ciùin an tùs a' Chèitein On a quiet evening at the beginning of May
Nuair bha 'n ialtag anns na speuran When the bat was in the skies
Chualaim rìbhinn òg 's i deurach I heard a tearful young maiden
'Seinn fo sgàil nan geugan uain' Singing beneath the shadow of the green branches
Bha a' ghrian 'sa chuan gu sìoladh The sun was setting in the sea
'S reult cha d' èirich anns an iarmailt And no stars yet graced the sky
Nuair a sheinn an òigh gu cianail When the young girl sang sorrowfully
"Tha mo ghaol air àird a' chuain" "My love is on the high seas"
Thòisich dealt na h-oidhch' ri tùirling The night's dew began to fall
'S lùb am braon gu caoin na flùrain Each bloom yielding softly to the droplets
Shèid a' ghaoth 'na h-oiteig chùbhraidh The wind blew in a fragrant breeze
Beatha 's ùrachd do gach cluan Bringing life and renewal to each field
Ghleus an nighneag fonn a h-òrain The girl tunefully sang her song
Sèimh is ciùin mar dhriùchd an Òg-mhìos Quiet and peaceful like the June dew
'S bha an t-sèisd seo 'g èirigh 'n còmhnaidh And this chorus constantly repeated
"Tha mo ghaol air àird a' chuain" "My love is on the high seas"
Chiar an latha is dheàrrs' na reultan Day darkened and the stars shone
Sheòl an rè measg neul nan speuran Setting their course amongst the clouds
Shuidh an òigh, bha 'bròn 'ga lèireadh The maiden sat, burdened by her sadness
'S cha robh dèigh air tàmh no suain Her singing could not have been more soothing
Theann mi faisg air reult nan òg-bhean I moved closer to the young woman
Sheinn mu 'gaol air chuan 'bha seòladh Singing of her love sailing on the sea
O bu bhinn a caoidhrean brònach Oh sweet was her sad lament
"Tha mo ghaol air àird a' chuain" "My love is on the high seas"
Rinn an ceòl le deòin mo thàladh The music enticed me
Dlùth do rìbinn donn nam blàth-shul Nearer to the brown-haired maiden of the warm eyes
'S i ag ùrnaigh ris an Àrd-Rìgh And she prayed to the King of Heaven
"Dìon mo ghràdh 'th' air àird a' chuain" "Protect my love on the high seas"
Bha a cridh' le gaol gu sgàineadh Her heart was breaking with love
Nuair a ghlac mi fhèin air làimh i When I took her by the hand
"Siab do dheòir, do ghaol tha sàbhailt "Wipe your eyes, your love is safe
Thill mi slàn bhàrr àird a' chuain" I have returned to you from the high seas"
Report lyrics
Mar a Tha Mo Chridhe (2005)
Òganaich Ùir a Rinn M' Fhàgail Tha Mo Ghaol air Àird a' Chuain Biodh an Deoch Seo 'n Làimh Mo Rùin Jigs & Reels: The Thornton Jig / Chloe's Passion / Are You Ready Yet? / Rogha an Ghabha Tha Caolas Eadar Mi 's Iain Ged a Sheòl Mi air M' Aineol Reels: John O' Groat's House / Traditional Irish Reel / The Ladies Pantalettes Mo Bhean Chomain Puirt: Siud Mar Chaidh an Càl a Dholaidh / Nam Biodh Agam Gioball Bodaich / Gogha Bh' ann a Hogha Gearraidh A Mhaighdeannan 's a Mhnathan Òg Strathspey & Reels: Seonaidh's Tune / Glenlyon / 'S daor an Tabac / Lumsden's Rant Moladh Uibhist